歌词
O chì, chì mi na mórbheanna
O chì, chì mi na córrbheanna
O chì, chì mi na coireachan
Chì mi na sgoran fo chèo
Chì mi gun dàil an t-àite 's an d'rugadh mi
Cuirear orm fàilt' 's a' chànain a thuigeas mi
Gheibh mi ann aoidh agus gràdh 'n uair ruigeam
Nach reicinn air thunnaichean òir
O chì, chì mi na mórbheanna
O chì, chì mi na córrbheanna
O chì, chì mi na coireachan
Chì mi na sgoran fo chèo
Chi mi a' ghrian an liath nam flaitheanas,
Chi mi 's an iar a ciar 'n uair laigheas i;
Chan ionnan 's mar tha i ghnàth 's a' bhaile seo
'N deatach a' falach a glòir.
O chì, chì mi na mórbheanna
O chì, chì mi na córrbheanna
O chì, chì mi na coireachan
Chì mi na sgoran fo chèo
Chì mi na sgoran fo chèo
专辑信息
13.Strathban