歌词
Fhir a' bhàta, 's na ho ro eile
Fhir a' bhàta, 's na ho ro eile
Fhir a' bhàta, 's na ho ro eile
Mo shoraidh slàn leat 's gach àit' an téid thu
Is tric mi 'sealltainn o'n chnoc a's àirde
Dh'fheuch am faic mi fear a' bhàta
An tig thi an diùigh no'n tig thu a-màireach?
'S mur tig thu idir gur truagh a tà mi
Fhir a' bhàta, 's na ho ro eile
Fhir a' bhàta, 's na ho ro eile
Fhir a' bhàta, 's na ho ro eile
Mo shoraidh slàn leat 's gach àit' an téid thu
Tha mo chridhe-sa briste, brùite
'S tric na deòir a' ruith o m' shùilean
An tig thu a-nochd no'm bi mo dhùil riut
No'n dùin mi'n dorus le osna thùrsaich?
Fhir a' bhàta, 's na ho ro eile
Fhir a' bhàta, 's na ho ro eile
Fhir a' bhàta, 's na ho ro eile
Mo shoraidh slàn leat 's gach àit' an téid thu
'S tric mi 'faighneachd de luchd nam bàta
Am fac' iad thu no 'bheil thu sàbhailt'
Ach 's ann a tha gach aon dhiùbh 'g ràitinn
Gur gòrach mise ma thug mi gràdh dhut
Fhir a' bhàta, 's na ho ro eile
Fhir a' bhàta, 's na ho ro eile
Fhir a' bhàta, 's na ho ro eile
Mo shoraidh slàn leat 's gach àit' an téid thu
专辑信息